Tha Alba a’ comharradh 20 bliadhna de chothroman inntrigidh dhan bhlàr a-muigh

Read in English / Leugh ann am Beurla

9 An Gearran 2025

’S ann an-diugh (9mh dhen Ghearran) a tha Alba a’ comharradh 20 bliadhna de Chòd Slighean Dùthchail na h-Alba agus còraichean inntrigidh chùramaich a’ phobaill do dh’fhearann is uisge ann an Alba, rud nach fhacas a-riamh roimhe aig an àm. 

An dèidh fichead bliadhna, tha an Còd fhathast ro-chudromach dha daoine a tha airson tlachd a ghabhail sa bhlàr a-muigh. Chan eil a’ ghinealach òg eòlach ach air dùthaich sa bheil cead aca tadhal air fearann is uisge a-staigh san tìr air feadh na h-Alba. Chunnaic Suirbhidh Daoine ’s Nàdar na h-Alba (SPANS) gu bheil a’ mhòrchuid de dhaoine ann an Alba a’ tadhal air a’ bhlàr a-muigh co-dhiù turas gach seachdain a-nis.

Tha a’ chomhairle a tha sa Chòd don phoball is do mhanaidsearan an fhearainn a’ toirt cothrom dha muinntir na h-Alba tlachd a ghabhail sa bhlàr a-muigh air dòigh a tha a’ cothromachadh saorsa inntrigidh agus uallach cùram an fhearainn. Ge-tà, tha obair ri dèanamh an-còmhnaidh airson dèanamh cinnteach gun ruig na buannachdan seo gach roinn dhen choimhearsnachd agus airson tuigse agus cleachdadh nan còraichean seo a chur am meud fad agus farsaing.

Tha na còraichean seo nam bunait ann an dearbh-aithne na h-Alba an-diugh, a’ toirt cead-inntrigidh dhan bhlàr a-muigh is don nàdar ach aig an aon àm a’ brosnachadh spèis dha na daoine a tha a’ fuireach is ag obair air an fhearann is a tha a’ gabhail cùram na h-àrainneachd. Ri linn cead-inntrigidh cho furasta dhan bhlàr a-muigh thig cothrom air na buannachdan slàinte agus sunnd a tha na lùib agus buannachdan dhan eaconamaidh dùthchail.

Comharraichidh NàdarAlba ceann-bliadhna a’ Chòid air feadh 2025 le bhith ag innse mar a ghabh daoine tlachd sna còraichean inntrigidh aca agus mar a stiùirich iad am fearann airson inntrigidh agus le bhith a’ toirt an cuimhne a h-uile duine gu bheil e cudromach cùram is spèis a bhith agad dhan bhlàr a-muigh nuair a bhios tu ann.

Thuirt Cathraiche NàdarAlba, an t-Ollamh Cailean Mac a’ Bhreatnaich (Colin Galbraith): 

“Fad fichead bliadhna, tha còraichean an inntrigidh chùramaich air cead gun a leithid a thoirt do dhaoine ann an Alba a thadhal air a’ bhlàr a-muigh is tlachd a ghabhail san tìr, san nàdar agus sna h-àitichean uaine ionadail againn. Ged a bhios tu ri bòrdadh-pleadhaige, snàmh fiadhaich, coiseachd, marcachd, rothaireachd no a’ falbh ann an caidheag, tha rudeigin ann a chòrdas ri gach duine. Bha Còd Slighean Dùthchail na h-Alba na threòir airson toirt a-steach is cleachdadh nan còraichean seo, a’ toirt fiosrachadh an dà chuid dhan phoball is manaidsearan an fhearainn dè an t-uallach a th’ orra a thaobh spèis, cùraim is co-thuigse. 

“Aig NàdarAlba, tha sinn an dealas do cho-obrachadh le com-pàirtichean, uachdaranan-fearainn is coimhearsnachdan airson dèanamh cinnteach gun sìor shoirbhich leis na còraichean inntrigidh agus gun cuidich sin nar strì an aghaidh èiginn na gnàth-shìde le bhith a’ toirt brosnachadh do dhaoine ceangal a dhèanamh ris an nàdar agus cùram a ghabhail ri blàr a-muigh na h-Alba, a tha cho mìorbhaileach.”

Thuirt Màiri Gougeon, Rùnaire a’ Chaibineit airson Cùisean Dùthchail, Ath-leasachadh Fearainn is nan Eilean:

 “Tha seallaidhean air leth rim faicinn ann an Alba agus tha sinn gu math fortanach gu bheil cead inntrigidh againn dhaibh. Tha pailteas rannsachaidh ann a tha a’ dearbhadh gu bheil e math dhan t-slàinte againn a bhith a-muigh san nàdar. 

 “Tha cha mhòr 80% de dh’inbhich ann an Alba ag ràdh gum bu toil leotha tadhal air a’ bhlàr a-muigh gach seachdain leis gum biodh e buannachdail dhan t-slàinte aca no gan socrachadh. Thug Còd Slighean Dùthchail na h-Alba cothrom do bharrachd dhaoine tlachd a ghabhail sa bhlàr a-muigh bhòidheach againn agus bha e na stiùireadh dhuinn uile ann a bhith a’ nochdadh spèis mar bu chòir agus a’ dèanamh cinnteach nach dèan sinn cron.”

Thuirt Brendan Paddy, stiùiriche Ramalairean na h-Alba: 

“Tha an ceann-bliadhna seo foirfe airson soirbheas mòr an lagha inntrigidh Albannaich air leth seo a chomharrachadh agus smaoineachadh air deagh dhòighean los gum faigh barrachd dhaoine buannachd às san àm ri teachd. 

“Sna bliadhnaichean romhainn, feumaidh a h-uile duine aig a bheil gaol air blàr a-muigh na h-Alba aghaidh a thoirt air na cnapan-starra fiosaigeach agus sòisealta a chumas daoine o bhith a’ coiseachd. Bidh feum air barrachd foghlaim, inbheisteadh is taic dhan luchd-obrach a-muigh an siud, mar oifigearan inntrigidh agus maoir-choille. Ma nì sinn na rudan seo, nì sinn cinnteach gun obraich na laghan inntrigidh mìorbhaileach againn dhan a h-uile duine ge be dè a’ choimhearsnachd aca air feadh na h-Alba.”