
Gaisgich Nàdair - Bho Bheul an Eòin
Read in English / Leugh sa Bheurla
Tha atharrachadh na gnàth-shìde a’ toirt ghnèithean ùra a dh’Alba. Tha cuid dhiubh cho ùr agus nach eil ainmean Gàidhlig orra – gu ruige seo. Chuir Bho Bheul an Eòin roimhe ceangal cudromach na Gàidhlig ris an t-saoghal nàdarra a ghlèidheadh. Tro phròiseas rannsachaidh agus le comhairle luchd-saidheans, luchd-rannsachaidh is sgrìobhadairean Gàidhlig, tha am pròiseact air ainmean a thoirt air cuid de na lusan is beathaichean ùra seo, agus tha an cuid sgeulachdan gan innse ann an rosg, ealan is bàrdachd.
Chuir am pròiseact air adhart 43 ainmean Gàidhlig – lusan, eòin, dealanan-dè, ainmhidhean mara, agus fiù ’s seòrsa algaich nam measg.

Sreath de 6 dealbhan agus am fiosrachadh a leanas sgrìobhte orra:
- Ainmean Gàidhlig do 43 gnèithean a th’ air ùr-thighinn a dh’Alba
- Sgrìobhadh 129 loidhnichean de bhàrdachd ùr a chomharraicheas nàdar ùr na h-Alba
- Dualchas a’ toirt dhuinn dlùth-cheanglaichean eadar saoghal an nàdair, an tìr is na daoine tro na linntean
- Lach-dhubh na tuinne air an ‘surf scoter’
- Fiadh-comhartaich air am ‘muntjac deer’
- Deargan-drise air an ‘common rosefinch’
’S e com-pàirteachas a th’ ann eadar an neach-ealain cliùiteach Ruairidh MacDhonnchaidh, bàrd Rody Gorman, is NàdarAlba. Chuir Bòrd na Gàidhlig taic-airgid ris a’ phròiseact agus thug còrr is trithead neach-comhairle is buidheann taic seachad, Comunn Luibheach Bhreatainn is Èireann, Taighean-tasgaidh Nàiseanta na h-Alba, Buglife is Stòrlann nam measg.
