Àrd-shealladh
Tha Dèan Àite dha Nàdar na iomairt aig NàdarAlba a tha airson dòigh-ghiùlain a’ phobaill atharrachadh. Ràith air ràith, tha e ag innse do dhaoine mar a nì iad ‘Àite dha Nàdar’, air dòighean fiosaigeach no inntinneil, a’ toirt brosnachadh dhaibh cùram nàdair a ghabhail agus na gnàthasan seo fhilleadh a-staigh nam beatha làitheil.
An t-amas
Tha an iomairt seo a’ soillseachadh a' cheangail làidir eadar call nàdair agus atharrachadh na gnàth-shìde agus carson a dh’fheumas sinn cùram nàdair a ghabhail. A bharrachd air sin, tha e ag innse do dhaoine gu bheil dòchas ann ma bheir sinn aghaidh air sa bhad.
An iomairt
Am measg rudan eile, sgaoilidh an iomairt meadhanan is bhideothan sna meadhanan sòisealta (faic cuid dhiubh air YouTube), le taic sanasachd rèidio air stèiseanan coimeirsealta ionadail ann an Alba.
Teacsa dha na meadhanan sòisealta
11 rudan a bheir taic do nàdar as t-fhoghar am bliadhna. Tha e math dhut tadhal air a’ bhlàr a-muigh, ge be dè an ràith. Cuir umad aodach blàth is gabh tlachd ann am bòidhchead nàdar an fhoghair. Eadar a bhith a’ toirt biadh no uisge do dh’eòin, a’ togail sgudal no a’ dèanamh obair shaor-thoileach, tha rudeigin ann do gach aon dhinn. Faigh barrachd ghliocasan aig ▶️ www.nature.scot/makespace 💚#MakeSpaceForNature
Fiosrachadh feumail
Dè an ceangal eadar nàdar agus atharrachadh na gnàth-shìde?
- ’S e caigeann a th’ ann an èiginn na gnàth-shìde agus èiginn an nàdair agus feumaidh sinn aghaidh a thoirt air an dà dhiubh còmhla mus bi feum sam bith ann.
- Fiù ma thèid againn air blàthachadh na gnàth-shìde a chumail fo 1.5°C, bidh droch bhuaidh mhòr air nàdar ann fhathast, eadar droch aimsir, roiteanan is rudan mar sin. Tha atharrachadh na gnàth-shìde a’ cur spionnadh ann an crìonadh nàdair.
- Tha nàdar ann an Alba ann an staing. Tha aonan à naoi (11%) dhe na gnèithean Albannach an cunnart dol à bith agus a-mach o 1994, chaill sinn 15% dhen fhiadh-bheatha againn ann an Alba (an tùs: An Aithisg air Cor Nàdar na h-Alba 2023).
- Chan eil nàdar dìreach na rud snog. Cha bhi sinn beò às aonais nàdair – eadar an t-adhar a dh’analaicheas sinn is an t-uisge a dh’òlas sinn is am biadh a dh’itheas sinn.
- Chan e èiginn na gnàth-shìde a-mhàin a th’ oirnn – tha èiginn nàdair ri thaobh.
- ’S e gach rud a tha beò ann an àite sam bith a tha san nàdar, eadar muir is tìr. Tha nàdar na phoileasaidh àrachais an aghaidh cunnartan na gnàth-shìde.
- Ma dhìonas is ma dh’ath-shlànaicheas sinn nàdar air muir is tìr, ’s urrainn dhuinn na chaill sinn a thilleadh agus suas ri 30% dhe na h-eimiseanan – aig ìre eadar-nàiseanta – a stòradh is a’ cur taic ri iomairtean atharrachadh na gnàth-shìde.
- Canaidh sinn “fuasglaidhean stèidhichte air nàdar” ri rudan mar seo.
Dè th’ ann am fuasgladh stèidhichte air nàdar?
- Feumaidh sinn stad a chur air losgadh nan connaidhean fosaileach ach a bharrachd air sin, tha dìon is ath-shlànachadh nàdair àite sam bith far an dèan sinn feum dhen mhuir no dhen fhearann glè chudromach air an t-slighe gu cothromachadh carboin. Nì seo a h-uile rud nas seasmhaiche cuideachd a thaobh cunnartan na gnàth-shìde.
- Sùghaidh nàdar mòran carboin às an adhar is glèidhidh e e ach ma thig cron air, dh’fhaoidte gun tig e às a-rithist.
- Tha meud do-chreidsinneach de charbon san ùir fo ar casan, ann an grunnd na mara agus nar lusan.
- Tha mòintichean na h-Alba a’ glèidheadh 1.7 billean tunna de charbon; tha sin co-ionann ris na chuireas Alba a-mach de ghasaichean taighe-ghlainne uile gu lèir ann an 140 bliadhna.
- Fàsaidh mòine ann an àitichean fliuch bàite agus searbhagach. Ma laigheas còinneach-bhoglaich is lusan boglaich leth-chrìonte eile breath air bhreath, thèid iad nam mòine. Fàsaidh mòine glè shlaodach – feumaidh aon mheatair de mhòine suas ri 1,000 bliadhna.
- Tha sinn ag ath-shlànachadh nam mòintichean againn, a’ cur barrachd chraobhan, is a’ dìon cuid dhen mhuir ann an Alba mar-thà.
- Dìonaidh nàdar sinn o chuid dhen droch bhuaidh aig atharrachadh na gnàth-shìde. Mar as pailte na coilltean, is ann as lugha de thuiltean. Dìonaidh bacannan gainmhich is lusan mar mhuran a dhìonas a’ ghainmheach o bhleith-thalmhainn ar bailtean air a’ chladach. Ma bhios barrachd challaidean air na tuathanasan, dìonaidh sin an ùir agus am bàrr nas fheàrr agus nì beathaichean dachaigh annta.
- Gabhaidh nàdar ath-shlànachadh sna bailtean mòra cuideachd. ’S fheàirrde ar n-inntinnean is bodhaigean ùine a thoirt seachad ann an àitichean uaine mar phàircean is gàrraidhean poblach agus cuidichidh iad nàdar sa bhaile mhòr cuideachd. Mar as pailte na craobhan, ’s ann as fheàrr a bhios an t-adhar gu h-ionadail agus nì iad ceàrnaidhean a’ bhaile mhòir suas ri 8°C nas fhionnaire. Agus cumaidh craobhan air ais an t-uisge agus tha sin a’ ciallachadh gun tèid nas lugha de dh’eabar is truailleagan a-steach dhan t-siostam drèanaidh.