
A’ dèanamh Obair Shaor-Thoileach le NàdarAlba
Tha obair shaor-thoileach na dòigh fhìor mhath airson blàr a-muigh ann an Alba a leasachadh, sgilean ùra a thogail agus brosnachadh a thoirt do dhaoine eile.
Read in English / Leugh ann am Beurla
Carson a dhèanainn obair shaor-thoileach?
Tha iomadh cothrom aig NàdarAlba do dhaoine aig a bheil suim mhòr do bhlàr a-muigh na h-Alba, còmhla rinn fhìn is ris na com-pàirtichean againn, airson ar n-àrainneachd nàdarra a leasachadh agus brosnachadh a thoirt do dhaoine eile cùram a ghabhail rithe. Tha làn-fhios againn gun cuir saor-thoilich mòran ris an obair a nì sinne agus gun toir e cothrom dhaibhsan sgilean is eòlas ùr a thogail, piseach a thoirt air an cuid slàinte is deagh shunnd agus coinneachadh ri caraidean ùra. ’S e cultar beòthail de shaor-thoileachas àrainneachdail ann an Alba a tha fa-near dhuinn.
Cò as urrainn obair shaor-thoileach a dhèanamh?
Tha fàilte ron a h-uile duine gu obair shaor-thoileach le NàdarAlba. Ge be rud fad-ùineach no geàrr-ùineach a bhios ann, cuiridh sinn daoine saor-thoileach gu pròiseactan a fhreagras air an obair ud agus comas NàdarAlba sùil a chumail orra mar bu chòir. Chan eil crìoch aoise uachdarach ann agus tha fios againn dè cho luachmhor ’s a bhios an obair a nì saor-thoilich nas aosta a thaobh eòlais agus fios.
Càit an dèan mi obair shaor-thoileach?
Thèid a’ chuid as motha dhen obair shaor-thoileach a dhèanamh air na tèarmainn nàdair nàiseanta (NNRs) bhòidheach againn. Tha an obair as urrainnear dèanamh a’ crochadh air feumalachdan stiùireadh na làraich agus an àm dhen bhliadhna ach gabhaidh iad a-staigh rudan mar na leanas:
- cumail sùil air bith-àrainnean is gnèithean àraidh mar eòin, dealanan-dè no craobhan
- obair leis a’ phoball, ’s dòcha ann an ionad luchd-tadhail no a’ stiùireadh bhuidhnean de dhaoine
- obair phrataigeach, mar obair-ghlèidhidh air slighean, clìoraigeadh preaslaich no a’ togail sgudal.
Tha sinn an dòchas gun smaoinich thu mu obair shaor-thoileach le NàdarAlba agus gum faigh thu luach d’ ùine ma nì thu gin.
Airson barrachd fiosrachaidh, a’ gabhail a-staigh dè na dreuchdan a tha fosgailte do shaor-thoilich is cò ris a bhruidhneas tu, leugh leabhar-làimhe nan saor-thoileach againn. Ma tha na th’ ann inntinneach dhut, leig fios gum bu toil leat obair shaor-thoileach a dhèanamh ’s tu a’ lìonadh foirm do dhaoine aig a bheil ùidh ann an obair shaor-thoileach is a’ cur an fhoirm lìonta thugainn gu volunteer@nature.scot.
Coinnich ris na Saor-Thoilich againn
Barrachd fiosrachaidh
- Tèarmainn Nàdair Nàiseanta na h-Alba - a' tadhal air gach tèarmann 's a' dèanamh obair shaor-thoil annta
- Obair shaor-thoileach air a' bhlàr a-muigh
- Obair shaor-thoileach do mhath na h-àrainneachd – liosta bhuidhnean feumail
- Search for volunteer Lorg cothroman saor-thoileach san sgìre agad fhèin air làrach-lìn Volunteer Scotland