Skip to main content
Menu
NatureScot Logo NatureScot Logo
Close navigation
  • Home
  • About NatureScot
  • Climate change
  • Enjoying the outdoors
  • Funding and Projects
  • Gaelic
  • Information hub
  • Landforms and geology
  • Landscapes and habitats
  • Plants, animals and fungi
  • Professional advice
  • Scotland's Biodiversity

Lèirsinn airson an ama ri teachd

https://nnr.nature.scot/doc/leirsinn-airson-ama-ri-teachd
Breadcrumb navigation
  • Funding and Projects Funding and Projects
    • About NatureScot
    • Climate change
    • Enjoying the outdoors
    • Gaelic
    • Information hub
    • Landforms and geology
    • Landscapes and habitats
    • Plants, animals and fungi
    • Professional advice
    • Scotland's Biodiversity
  • Natural and Cultural Heritage Fund (NCHF) Natural and Cultural Heritage Fund (NCHF)
    • Other Sources of Funding
    • FIRNS
    • IRNS
    • Scottish Marine Environmental Enhancement Fund
    • Working with Rivers Fund
    • Nature Restoration Fund
    • NatureScot and the Year of Coasts and Waters 2020/21
    • Better Places Fund
    • Future Routes Fund
    • Community-led Marine Biodiversity Monitoring Project
    • Green Infrastructure Strategic Intervention
    • Biodiversity Challenge Fund (BCF)
  • Our Projects Our Projects
    • Outcomes and eligibility
  • Project Updates Project Updates
    • Case Studies

7 Dàmhair 2022

Read in English

Tha rudeigin a’ dùsgadh ann an Gleann Moireastain. Ma choisicheas tu tron ionad ath-fhiadhachaidh aig Craobhan gu Deò ’s e ga thogail, is cinnteach gun dùisg fiughair annad. Tha an stiùiriche, Ian Richards, a’ cnuasachadh ceuman mu dheireadh a’ phròiseict lèirsinnich seo gu dìorrasach, pròiseact a bheir sealladh air na th’ ann an ath-fhiadhachadh dhan fheadhainn nach eil eòlach air ann an suidheachadh snasail.

CGI of a visitor centre with a red roof, surrounded by trees with people using the accessible path up to it.
Trees for Life Rewilding Centre - computer generated image of proposed centre.

Thòisich Craobhan gu Deò air ath-fhiadhachadh Dhùn Dreagain on a cheannaich iad an oighreachd ann an 2008. Nach iad a bha air thoiseach chàch? Tha “ath-fhiadhachadh” air bilean mhòran an-diugh. Ach ann an 2008, b’ fheudar dhut a bhith dàna agus fad-sheallach ma bha thu airson iomairt mar seo a stèidheachadh. Ach a-mach on Mhàrt 2023, bidh cothrom aig Craobhan gu Deò innse an sgeulachd dhe na tha fa-near dhaibh ann an ionad ath-fhiadhachaidh ùr-nodha nach eil a leithid eile ann gu ruige seo.

Tha Ian làn-earbsa gum bi buaidh aig an ionad agus gu math luath cuideachd.  “Bidh dùil aig daoine ri rudeigin drùidhteach nuair a thig iad an seo,” thuirt e. “An dèidh dhaibh an doras a-steach a ruigsinn air craobh-shlige, saoilidh mi gun stad a’ mhòrchuid dhe na h-aoighean bog balbh nuair a ruigeas iad an t-atrium is iad a’ faicinn ciad phlathadh na h-obrach-snaidhidh againn, a’ Chraobh Fàilte. Chaidh a dhealbhadh leis an t-snaidheadair Helen Denerley à fuigheall meatailt air nach robh feum tuilleadh agus ’s e prìomh phìos annasach a th’ ann is e ceithir meatair a dh’àirde. B’ fheudar dhuinn ùrlar ath-neartaichte a chur an sàs a sheasadh an cudrom ach, m’ fhacal, abair buaidh a bhios aige. Brosnaichidh e cnuasachadh agus ’s e obair-ealain a th’ ann a ghlacas do shùil gun teagamh. Tha e gu h-àrd os cionn an atrium ach tha mion-obair dhrùidhteach ann cuideachd is chithear 12 bheathach ionadail nan suidhe air na geugan. Tha ealain na dòigh cho cumhachdach airson tlachd a ghabhail san nàdar is a chomharradh agus bidh ar n-aoighean glè dhèidheil air a’ phìos seo.”

Ach glacaidh barrachd na dìreach obair-ealain ùidh nan aoighean a thig dhan ionad a fhuair taic on Mhaoin Chultarail is Dualchais Nàdarra (NCHF). Innsidh panailean fiosrachaidh, film beòthaichte agus sgeulaichean dè th’ ann an teòirig an ath-fhiadhachaidh do dhaoine aig gach aois is comas.

Wild grass area surrounded by mature teres, with a path cut through it and a wooden bench in the centre.
Grounds at Dundreggan Rewilding Centre

“Bidh mòran fiosrachaidh ri fhaighinn san aonad ùr,” thuirt Ian. “Thig an sgioba fiosrachaidh againn san Fhaoilleach is cuiridh iad gach rud a th’ aca an sàs taobh a-staigh an togalaich. Chan eil e furasta fiosrachadh a thoirt seachad do dhaoine aig diofar aoisean is ìrean aig an aon àm, mìnichidh na stuthan a tha fa-near dhuinn an seo a’ phrìomh obair a nì sinn aig Dùn Dreagain agus bidh co-chothrom ann eadar foghlam is spòrs. An dèidh sin ’s na dhèidh, ma dh’fhalbhas daoine ’s beagan a bharrachd eòlais aca air ath-fhiadhachadh agus iad, is dòcha, a’ beachdachadh air a’ ghiùlan aca fhèin atharrachadh an cois na chunnaic iad an seo, bidh sinn toilichte leis a sin.”

Bha fios aig sgioba Chraobhan gu Deò gur e beul a labhras ach cridhe a dhearbhas. Sin as adhbhar gu bheil na luachan aca am follais air feadh àitichean mar sheòmar nan sgeulaichean, an leabharlann agus an cafaidh.

Tha so-sheasmhachd aig cridhe a’ chafaidh, eadar an àirneis a chleachdas na h-aoighean is am biadh ionadail a bhios ri fhaighinn ann. Chaidh na sèithrichean, mar eisimpleir, a dhèanamh de phlastaig ath-chuairtichte agus nuair a ruigeas iad deireadh am beatha, thèid an cur air ais dhan t-saothraiche a rinn iad is ath-chuairtichidh e iad às ùr. ’S e mòr-dhealas dhan eaconamaidh chuairteach a tha seo. Tha rudan ann mar na suidheachain àirce san leabharlann, an còmhdachadh fiodha air na ballachan is fiù bùird a’ chafaidh a chaidh a dhèanamh de seann bhùird sgafallan le iomairt shòisealta ann an Glaschu.

Cha robh e furasta stuthan fhaighinn san t-saoghal chugallach an dèidh Breatamach is Covid, ach lean Ian agus na co-obraichean aige orra agus chùm iad rudan a’ dol.  “Cha robh dòigh ’s nach biodh rudan nas daoire an cois Breatamach is Covid”, thuirt Ian, “ach chùm sinn am pròiseact a’ dol agus chuir sinn prìomhachas air rudan àiridh nam b’ fheudar dhuinn. Mar eisimpleir, dh’fhàs na stuthan airson dìon fhuaimean nas daoire ach ann an àite anns am bithear ri innse sgeulachdan is dian-mheòrachadh, cha b’ urrainn dhuinn fhàgail às.”

Tha luchd-obrach sàr-eòlach aig cridhe sgeul Chraobhan gu Deò. Bha e cudromach dhuinn mar sin gum biodh àite-taisbeanaidh fìor mhath aig an ionad ùr a bheireadh dealbh air an lèirsinn aca.  “Tha àite do cheud duine mu thuaiream aig an ionad-taisbeanaidh againn,” thuirt Ian. “Bidh seo na àite fìor mhath, an dà chuid airson co-labhairtean agus taisbeanaidhean. Leis a’ mhullach àrd agus pailteas de ghlainne agus solas, bidh e na ionad air leth. Tha seòmar-teagaisg do 40 againn cuideachd agus gabhaidh a roinneadh ann an dà sheòmar fa leth. Tha na h-àitichean a-staigh seo cho feumail is sinne ag innse ar sgeulachd, ach tha sinn a’ coimhead air an ionad air fad mar dhoras a bheir brosnachadh do dhaoine a thighinn dhan bhlàr a-muigh, a dhol an ceann ar n-obrach an seo agus iomairt an ath-fhiadhachaidh air fad.”

People in high vis vests and hard hats, stand talking outside the visitor centre, which is still under construction.
Trees for Life Rewilding Centre - building works

Chan e ionad an ath-fhiadhachaidh an aon leasachadh ùr an seo. Ged nach eil sin mar phàirt dhen mhaoineachadh a fhuair iad on Mhaoin Chultarail is Dualchais Nàdarra, tha Ian air a bhioran mun togalach cuid-oidhche ùr-nodha a tha a’ dol an àirde gu luath an ath-dhoras.  “Bidh aon làr san togalach seo agus gabhaidh a sgoltadh ann an dà leth, dorsan a leigeas a-steach thu le cairt agus seòmraichean glan is cofhurtail le seòmar-ionnlaid aig gach aon dhiubh. Tha seo na ghoireas ùr-nòsach air leth airson cùrsaichean-còmhnaidh agus airson sgoiltean a bhrosnachadh an seo, a thoirt seachad barrachd ùine a’ fàs eòlach air na nì sinn.”

Bidh cudrom air foghlam, agus gu sònraichte air a’ Ghàidhlig, aig Dùn Dreagain. “Tha Gàidhlig na pàirt chudromach dhen pròiseact seo agus cudromach ann an cultar na sgìre seo,” thuirt Ian. “Ann an cuid a dh’àitichean, tha sinn ag innse ar sgeulachd sa Ghàidhlig a-mhàin agus tha an luchd-obrach againn ag ionnsachadh beagan Gàidhlig airson an dàimh sin ri ar cultar a neartachadh. Eadar bun-chomasan sa Ghàidhlig aig an luchd-obrach againn agus feadhainn a bhios gu tur fileanta, tha sinn airson ’s gum bi an t-àite aig a’ chànan a dhleasas i.”

Cha bhi dreuchd na Gàidhlig nas fhollaisiche ach san fhilm bheòthaichte a chaidh a chruthachadh gu sònraichte dhan ionad luchd-tadhail. Chan eil e doirbh a thuigsinn carson a tha Ian air a bhioran mu dheidhinn: “Tha e stèidhichte air fionn-sgeòil Ghàidhlig agus tha iomadh liùghag èibhinn ann. Innsidh e an eachdraidh aig caileag òg ionadail a tha a’ coiseachd a-muigh agus ga toirt gu àite far a bheil i a’ dol an riochd fèidh agus an ruaig oirre. Tha seo a’ toirt cothrom dhan chaileig eòlas a thoirt air na làithean a dh’aom is an eachdraidh aice fhèin agus cluinnidh an luchd-èisteachd cò th’ ann an Oisean, am mac aig Fionn MacCumhaill agus Bran, cù Fhinn. Thèid am film a shealltainn ann an seòmar beag is gu math prìobhaideach agus tha sinn an dòchas gun glac e daoine agus gum brosnaich e cnuasachadh air ath-fhiadhachadh araon.”

Bidh gach rud ann a bhiodh dùil agad riutha ann an ionad luchd-tadhail ùr-nòsach cuideachd. Anns an trannsa an ear, innsidh sinn an sgeulachd èic-eòlach san t-suidheachadh eadar-nàiseanta agus bidh sreath de sgrìnichean eadar-ghnìomhach ann. Bidh sreath de bhuill-thaisbeanaidh ionadail ri am faicinn agus panailean a mhìnicheas na tha uinneagan nan dealbhan a’ sealltainn.

Leis na planaichean a th’ aca airson coiseachdan treòraichte ’s pailteas de cheuman a tha a’ tòiseachadh aig an ionad agus turais threòraichte leudaichte am broinn an ionaid, thathar an dùil an t-ionad a chleachdadh mar phuing-thòiseachaidh airson mòran rudan. “Tha measgachadh de cheuman againn taobh a-muigh an togalaich. Tha iad eadar ceum a tha mu 1km a dh’fhaid a tha iomchaidh dhan a h-uile duine agus ceum nas dorra suas chun nan cnoc,” tha Ian ag innse, “agus tha sinn airson ar sgeulachd innse leis na ceuman seo cuideachd. Bidh cothrom aig daoine ath-fhiadhachadh fhaicinn na àite, sùil a chumail airson fiadh-bheatha agus pìos dhen choille Chailleannaich a rùrachadh, coille a tha air leth gann an-diugh. Thèid aon cheum sìos chun an lios-àraich bhrosnachail againn far am bi pailteas de chothroman do dhaoine an obair chudromach a nì sinn ann fhaicinn agus suim a ghabhail ann.”

Plant Nursery, with lots of plants in trays and some polytunnels in the background.
Dundreggan Plant Nursery

Tha an t-ionad ath-fhiadhachaidh drùidhteach seo an ìmpidh sgeulachd thogarrach na h-obrach a nì Craobhan gu Deò innse air dòigh gu math beòthail. Tàlaidh e daoine agus bheir e brosnachadh mu ath-fhiadhachadh dhan phoball, bidh àite cudromach aig a’ Ghàidhlig ann agus na dìochuimhnicheamaid cuideachd gun cruthaich e obair a bhios co-ionnann ri mu 20 dreuchdan làn-ùine. Deagh naidheachd ann an cànan sam bith.

ERDF Gaelic logo

Mun Mhaoin Dualchais is Chultarail

Tha a’ Mhaoin Dualchais is Chultarail air a maoineachadh tron Mhaoin Leasachaidh Roinneil Eòrpaich (ERDF) agus maoin de na milleanan an sàs anns a’ Ghàidhealtachd is na h-Eileanan. ’S e amas na Maoin gun tèid an dualchas nàdarra is cultarail air leth anns a’ Ghàidhealtachd is na h-Eileanan a bhrosnachadh is a leasachadh ann an dòigh a ghleidheas is a dhìonas iad.

Tha A’ Mhaoin Dualchais Nàdarra is Chultarail na pàirt de phrògram Maoin Leasachaidh Roinneil Eòrpach (ERDF) le Riaghaltas na h-Alba a mhaireas gu 2023. Tha a’ mhaoin seo air aon den dà Ghnìomh Ro-innleachdail ERDF a th’ air an stiùireadh le NatureScot – ’s e A’ Mhaoin Bhun-structair Uaine a th’ air a’ Ghnìomh Ro-innleachdail eile.

’S urrainn dhut bloga Maoin Structarail Eòrpach a leantainn airson na naidheachd as ùire air gnìomhan is tachartasan ESF. Tha an naidheachd Twitter aig @scotgovESIF no na comharran #ERDF agus #europeanstructuralfunds

Contacts

Natural and Cultural Heritage Fund

nchf@nature.scot

  • Facebook
  • X
  • Email

You may also be interested in

Natural and Cultural Heritage Fund (NCHF)

The aim of the Natural and Cultural Heritage Fund was to encourage people to visit some of the more remote and rural areas and create and sustain jobs, businesses and services in local communities.

Natural and Cultural Heritage Fund Project Updates

Read highlights of the work our Grantees are undertaking through our series of project updates.

04 Aug, 2021

News & Blogs

High risk of roe deer on the roads

A road safety campaign has been launched to warn drivers to look out for roe deer on the roads.

News - 23 May

Chief Executive Recruitment

This is an exciting and rare opportunity to lead an organisation that is integral to Scotland’s future.

Vacancy - 02 May

Statistical news release

NatureScot has released the latest figures tracking the proportion of Scottish natural features in favourable or recovering condition. 

News - 19 May

Supporting local nature restoration

This week we hear about the Neighbourhood Ecosystem Fund – a new initiative helping groups to achieve nature restoration projects.

Blog - 22 May

£1.6m for Scotland's seabirds

The Scottish Marine Environmental Fund (SMEEF) have announced a new fund to help safeguard the future of Scotland's precious seabirds. 

News - 15 May

Nature's bright future

The Future Routes Fund was launched for 11-26 year olds in 2018 during Scotland’s Year of Young People by ReRoute, Scotland’s youth biodiversity panel.

Blog - 13 May

View all news

View all blogs

Back to top Back to top

Quick Links

  • What we do
  • FAQs
  • Contact us
  • Our work
  • Licensing
  • Careers
  • Gaelic
  • Events
  • Sitemap
  • Publications & Documents
  • Board and Committees
  • NatureScot data services
  • Freedom of Information
  • NatureScot (@NatureScot) on X
  • Facebook
  • Instagram
  • YouTube
  • Wordpress
  • Flickr

 

© NatureScot 2025

  • Privacy policy
  • Cookie policy
  • Accessibility
  • Copyright
  • Links policy
  • Feedback